Luachan na Sgoile
Buinteanas, Creidsinn…. Ceannasach, Coileanadh!
Buinteanas
Is e seo an sgoil againn. Is ann ris a tha sinn a’ buntainn agus is ann leinne a tha e.
- San sgoil againn, tha spèis aig a h-uile duine.
- Ge bith cò sinn, tha luach aig an sgoil annainn agus gheibh sinn cuideachadh airson a bhith soirbheachail.
- Tha guth làidir againn san sgoil agus tha ar beachdan air an cluinntinn agus air an èisteachd.
Creidsinn
Tha creidsinn againn annainn fhèin.
- Tha creideamh againn annainn fhèin gus fios a bhith againn gum faod sinn a bhith soirbheachail.
- Tha sinn a’ togail an ath-sheasmhachd gus sinn fhèin a’ togail suas nuair a bhios duilgheadasan againn.
- Tha sinn pròiseil den choimhearsnachd sgoile againn agus tha sinn ag iarraidh gum bi daoine toilichte.
Ceannasach
Còmhla is urrainn dhuinn rudan mòra a dhèanamh.
- Bidh sinn ag obair còmhla gus sinn fhèin agus càch a’ brosnachadh agus a’ leasachadh.
- Airson a bhith soirbheachail, tha fios againn gum bidh feum air obair chruaidh agus bidh sinn a’ leantainn air adhart nuair a tha cùisean a fàs doirbh.
Coileanadh
Bidh sinn an-còmhnaidh ag amas air sàr-mhathais.
- Tha sinn pròiseil den eachdraidh choileanaidh na sgoile agus tha sinn airson a bhith nar pàirt.
- Tha sinn airson ‘s gum fàg daoine an sgoil againn le sgilean farsaing agus gum bidh iad toilichte agus deiseil airson beatha agus obair.
